Prògram 32

Faodaidh sibh Gaelcast 32 fhaighinn an seo. (Click here to download our 32nd program.)

A Chàirdean,

Airson toiseach an t-Samhraidh a chomharrachadh, tha sinn a’ toirt dhuibh ceòl bho’n chòmhlan ciùil bho Dhartmouth, Alba Nuadh, ris an canar “The Urban Surf Kings”. Thoiribh sùil air an làrach lìn aca, http://www.urbansurfkings.com/ agus cuideachd, http://www.myspace.com/urbansurfkings, far am faod sibh èisdeachd ri barrachd dhe’n cheòl mhath aca. Thòisich sinn le “Giant Cow” bho’n chlàr “Get Instro-mental” agus tha sinn air crìoch a chur air a’ phrògram le “Go Go Island” bho’n chlàr “Flying saucers Attack!”. Tha an dà chuid agus ann treas clàr aca ri fhaotainn bho http://cdbaby.com (deanaibh rannsachadh airson “Urban Surf Kings”). Mòran taing dhan chòmhlan airson ar cur ann an sunnd math airson an t-Samhraidh!

To mark the start of the summer season, we are featuring music from the Dartmoth, Nova Scotia band, the Urban Surf Kings. Check out their website at http://www.urbansurfkings.com as well as http://www.myspace.com/urbansurfkings, where you can listen to more of their great music. We start out with “Giant Cow” from the album “get instro-Mental” and close the show with “Go Go Island” from the album “Flying Saucers Attack”. Both albums and a third live album can bepurchased on http://cdbaby.com (search for “Urban Surf Kings”). Thanks to the band for helping put us in the summer spirit!

Tha tòrr eile againn an seo — naidheachdan, còmhradh, agus agallamhan. An toiseach, tha sinn a’ bruidhinn ri Bernie Cameron agus Margie Beaton mu dheidhinn na h-iomairt a tha dol air adhart ann an Ceap Breatuinn, a’ teagasg na cloinn ann a sin le Gàidhlig agu tro mheadhon na Gàidhlig. Rud a tha gu math cudthromach ‘san latha an diugh, gu h-àraid airson cànan a tha ann an cunnart a dhol à bith ‘sa cheàrnaidh sin. Cluinnidh sinn cuideachd bho Alasdair, mac Bhernie, agus e “a’ cluich le dèideagan” san taigh agus ‘san sgoil dha bheil e a’ dol gach latha – tha iad ga theagasg ‘san taigh aige fhèin.

We have a lot more here as well — news, conversation, and interviews. To start with, we speak with Bernie Cameron and Margie Beaton about the efforts going on in Cape Breton, teaching children with and using Gaelic. Something that’s very important today, with Gaelic in danger of going away there. We also hear from Alasdair, Bernie’s son, who is “playing with toys” in his house and his schoolhouse, where he is taught each day — he’s home schooled.

An uair sin, tha sinn a’ dol air ais gu Bràighe na hAibhneadh, far an cluinn sinn bho Bharailt Pottie airson an treas turas. Tha Barailt a-mach air iomadach rud an turas seo, agus ged ‘s e seo an t-agallamh mu dheireadh a th’againn leatha an turas seo, tha sinn an dòchas tilleadh air ais airson bruidhinn rithe ann an ùine nach bi fada. Sin sibh fhèin, a Bharailt, agus tha sinn a’ guidhe gach dùrachd dhuibh ‘sa bhliadhna a tha romhainn!

Next, we go back to Glendale, Cape Breton, where we hear from Dorothy Pottie for the third time. Dorothy speaks about many things this time, and though this is the last interview we have with her, we hope to return to speak with her in a short time. You go, Dorothy, and we wish every good thing for you in the year to come!

Agus gheibh sibh a-mach cò a fhuair ceist a’ phrogram ceart, agus co a tha dol a dh’fhaighinn duais Ghaelcast an turas seo. Tha ceist eile againn, agus tha sinn an dòchas gun cuir sibh freagairt thugainn. Ach tromhadaibh seo, cha do dh’innis sinn an seòladh ceart ‘sa phrògram! Sgrìobhaibh gu getinfo@gaelcast.com leis a h-uile freagairt, ceist agus beachd a th’agaibh!

Also, you’ll find out who got the question of the program right, and who will be getting the Gaelcast prize this time. We have another question, and we hope you’ll send us an answer. But, folks, we didn’t say the right email address on the show! Write to getinfo@gaelcast.com with every answer, question and opinion that you have!

surfvstheflyingsaucers.jpg

Sàsaran agus gathan marbhtach! Mo chreach!

This entry was posted in podcasts. Bookmark the permalink.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *